• ‘rudan cudromach a ràdh / ann an cànan neo-chudromach’: sgrìobhadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh

    Author(s):
    Nathaniel Harrington (see profile)
    Date:
    2019
    Subject(s):
    Comparative literature, Endangered languages, Irish literature, Scottish Gaelic literature, World literature
    Item Type:
    Book chapter
    Permanent URL:
    http://dx.doi.org/10.17613/p4yj-6f84
    Abstract:
    Aig deireadh an dàin aice ‘ain-cianalas’, their a’ bhana-bhàrd Ghàidhlig Mona NicLeòid Wagner, ‘uaireannan cha dèan e ciall / rudan cudromach a ràdh / ann an cànan neo-chudromach’ (2015, 46). ’S e seo prìomh cheist an sgrùdaidh seo: dè as ciall dha a bhith a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig – no ann am mion-chànan sam bith – san latha an-diugh? Ciamar a dhèiligear ri litreachas a bhios à àite anns ‘an t-saoghal litreachasail’ a bhios an-còmhnaidh ‘iomallach’, agus ri teagsaichean agus ùghdaran a dhiùltas an dùil ri bhith gan ‘aithneachadh’ le ‘meadhan’ litreachasail? A’ toirt iomradh air obraichean teòiridheil mu dheidhinn ‘litreachas an t-saoghail’ (Apter 2013; Casanova 2009; Melas 2007), agus gu h-àraid air ro-ràdh Phàdraig MhicAoidh agus Niall O’Gallagher ann an Sùil air an t-Saoghal (2013), molaidh mi ìomhaigh MhicAoidh agus O’Gallagher de litreachas na Gàidhlig mar ‘shruth, a’ co-mheasgachadh ri sruthan agus aibhnichean eile’ (2013, v) mar bhun-stèidh airson sgrùdaidh litreachasail air teagsaichean Gàidhlig. A’ tòiseachadh leis a’ bheachd seo, bheir mi sùil air dà dhàn, ‘ain-cianalas’ le Mona NicLeòid Wagner (2015) agus ‘Aistriúcháin’ le Gearóid Mac Lochlainn (1999), bàrd à Èirinn a Tuath, feuch an tèid na ceistean a thig a-mach às a’ cho-theagsa seo a fhreagairt. Bidh Wagner agus Mac Lochlainn a’ cur cuideam air aonaranachd a’ bhàird am broinn mion-chànain, ach fhathast sgrìobhaidh an dithis aca an cuid bàrdachd ann an Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann. Ciamar a dhiùltar an sraon a dh’ionnsaigh an uile-choitcheannais, agus dè tha an diùltadh seo a’ ciallachadh? Mar sin, ciamar a bheir sinn cunntas air suidheachadh litreachas na Gàidhlig an-diugh, na ioma-fhillteachd agus na chontrarrachdan uile-gu-lèir?
    Metadata:
    Published as:
    Book chapter    
    Status:
    Published
    Last Updated:
    1 week ago
    License:
    All Rights Reserved
    Share this:

    Downloads

    Item Name:pdf harrington-rnag-2009-deireannach.pdf
     Download View in browser
    Activity: Downloads: 4